Mise nighean rìgh-fo-thuinn
Fuil nan rìghrean na mo chrè
Ged a chì sibh mi nam ròn
Tha mi mòrail nam thìr fhèin
Tìr-fo-thuinn mo dhachaigh dhùint'
Innis dhùthchasach nan ròn
Caidlidh mi air leacan sàil'
Mi fhìn 's mo bhàn-chuilean òg
A bhana-phrionns' a' chuain shiar
A bheil sgeul agad ri luaidh
Nach inns thu dhuinn mar a bha
Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan
Chaidh na geasan a chur oirnn
Rè ar beò-bhith le luchd-fuath
'S ged a tha sinn snàmh nan caol
'S e nàdar daonnd' tha dhuinn dual
Aig tràth-marbh air oidhche fèill
Tilgidh sinn ar bèin air tràigh
'S cluichidh sinn nar n-òighean suairc'
A' crathadh ar cuaillean bàn
Ach a-nochd tha mi nam ròn
Air an lic an còrs' a' chuain
'S e mo nàdar bhith toirt gaol
'S do chlann-daoine thug mi luaidh
Ann an caolas od odrum far an coidleadh an ròn
Is far nach cluinnte guth duin' ach fuaim tuinne 's glog geòidh
Muime 'g altram a pàistean 's I gan tàladh gu ciùin
Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao hì o dan dao
Hì o dan dao odar da odar da
Muime 'g altram a pàistean 's I gan tàladh gu ciùin
Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain
An ròn rìoghail a' gusgail 'n eala guileag ri thaobh
A' mhaighdeann-mhara 's I bruadar anns an uaigneas air laoch
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao hì o dan dao
Hì o dan dao odar da odar da
An ròn rìoghail a' gusgail 'n eala guileag ri thaobh
A' mhaighdeann-mhara 's I bruadar anns an uaigneas air laoch
Ann an caolas od odrum far an coidleadh an ròn
Is far nach cluinnte guth duine ach fuaim tuinne 's glog geòidh
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao hì o dan dao
Hì o dan dao odar da odar da