menu-iconlogo
huatong
huatong
julie-fowlis-thig-am-bta-cover-image

Thig Am Bàta

Julie Fowlishuatong
lidamxqhuatong
Тексты
Записи
Thig am bàta àill i ò

Ro àilleagan àill i ò

Moch a-màireach haoi ò

Ro àilleagan àill i ò

Bidh m' athair innte

S mo thriùir bhràithrean

Mo chèile donn

Air ràmh bràghad

Gheibh iad mise

Air mo bhàthadh

Togaidh iad mi

Air na ràmhan

Mo thrusgan donn

Snàmh na fairge

Mo chuailean donn

Am measg nan carraigean

Mo bhroids airgid

Am measg nan gainmheach

Cha b' e 'n t-acras

Chuir dhan tràigh mi

Miann an duileasg

Miann nam bàirneach

Sòraidh eile

Gu mo phàisdean

Fear dhiubh bliadhna

Fear a dhà dhiubh

A' fear bliadhna

Nach eil làidir

Dh' fhàg mi e

As a' chùlaist

Iarraidh e a-nochd

Cìoch a mhàthar

Ma dh' iarr chan fhaigh e

Ach sùgan sàile

O mo mhollachd

Aig bean eudaich

Dh' fhàg i mise

S an sgeir bhàthte

Thig am bàta

Moch a-màireach

Gheibh iad mise

Air mo bhàthadh

Еще от Julie Fowlis

Смотреть всеlogo