menu-iconlogo
huatong
huatong
avatar

A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi

Julie Fowlishuatong
เนื้อเพลง
บันทึก
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi;

A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi;

A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi

An tòir chrodh-laoigh a thàine mi

Gur ann a-raoir a chuala mi

Mo ghaol a bhith ri buachailleachd

S ged fhuair thu 'n iomall na buaile mi

A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi

S mi dìreadh ris na gàrraidhean

S a' teàrnadh ris na fàirichean

Gun d' thachair fleasgach bàigheil rium

S cha d' dh' fheuch e bonn ga chàirdeis rium

Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh

Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh

Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh

A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi

Trodaidh m' athair 's mo mhàthair riut

Trodaidh mo chinneadh 's mo chàirdean riut

Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu

Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi

Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh

Gheall i ribean a b' ùire dhomh

Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh

Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi

เพิ่มเติมจาก Julie Fowlis

ดูทั้งหมดlogo
A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi โดย Julie Fowlis – เนื้อเพลง & คัฟเวอร์