menu-iconlogo
huatong
huatong
julie-fowlis-do-chalum-cover-image

Do Chalum

Julie Fowlishuatong
mad4plaidhuatong
เนื้อเพลง
บันทึก
Chalum, a rùin

On a dh' eug thu

S airsnealach, tinn

As do dhèidh sinn;

Geàrr bha do rèis

Geàrr do shaoghal

Buan an creuchd

Bheum do dhaoine

S tusa bha mear

èibhinn, aotrom

Dealasach, ceart

Eirmseach, daonda;

Fulganach, treun

Gleac ri eucail

Gun fhiamh, gun ghealt

Ri uchd èig thu

Sgoilear gun mheang

Tuigseach, gleusda

Thionail ar fuinn

Thruis gach sgeulachd

Choisinn thu cliù

Thall an Èirinn

S bhos an Alba

Mòr bha dh'fheum ort

Blàth bha do chrìdh

Fialaidh, mùirneach

Macanta, còir

Coibhneil, fiùghant';

Fuaraidh an nochd

Aognaidh, tùrsach

Gaoth anns a' bheàrn

Nach gabh dùnadh

เพิ่มเติมจาก Julie Fowlis

ดูทั้งหมดlogo