Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
'Seinn fo sgàil nan geugan uain'
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianai
Tha mo ghaol air àird a' chuain
Thòisich dealt na h- oidhch' ri tùirling
'S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a' ghaoth 'na h- oiteig chùbhraidh
Beatha 's ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h- òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg- mhìos
'S bha an t- sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
Tha mo ghaol air àird a' chuain
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh bha 'bròn 'ga lèireadh
'S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg- bhean
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
Tha mo ghaol air àird a' chuain
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth- shul
'S i ag ùrnaigh ris an Àrd- Rìgh
Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
Siab do dheòir do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain